YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 48

48
1 Chaidh Iòseph a dh’fhaicinn athar, agus e tinn. 15 Bheannaich Iàcob e fhèin agus a dhithis mhac, Ephraim agus Manaseh. 21 Ro‑innis e gun tilleadh iad a‑rìs gu Canàan.
1Agus an dèidh nan nithean sin, dh’innis neach do Iòseph, Feuch, tha d’athair tinn: agus thug e leis a dhà mhac, Manaseh agus Ephraim.
2Agus dh’innis neach do Iàcob, agus thubhairt e, Feuch, tha do mhac Iòseph a’ teachd ad ionnsaigh: agus neartaich Israel e fhèin, agus shuidh e air an leabaidh.
3Agus thubhairt Iàcob ri Iòseph, Dh’fhoillsich an Dia Uile‐chumhachdach e fhèin dhòmhsa aig Luds ann an tìr Chanàain#Gen 28:13‐19; 35:6, etc., agus bheannaich e mi,
4Agus thubhairt e rium, Feuch, nì mise sìolmhor agus lìonmhor thu, agus nì mi thu ad choitheanal chinneach, agus bheir mi am fearann seo dod shliochd ad dhèidh mar sheilbh shìorraidh#Gen 17:8; Deut 32:8; Amos 9:14, 15.
5Agus a‑nis do dhithis mhac, Ephraim agus Manaseh, a rugadh dhut ann an tìr na h‑Èiphit#Gen 41:50‐52, mun tàinig mise ad ionnsaigh don Èiphit, is leamsa iad: mar Reuben agus Shimeon, bidh iad leamsa.
6Agus bidh do shliochd, a ghineas tu nan dèidh, leat fhèin; a rèir ainm am bràithrean goirear iad nan seilbh fhèin.
7Agus air mo shon‐sa dheth, nuair a thàinig mi o Phadan, fhuair Rachel bàs agam ann an tìr Chanàain#Gen 35:16‐19, air an t‑slighe, nuair nach robh fhathast ach astar goirid ri teachd gu Ephrat: agus dh’adhlaic mi an sin i air an t‑slighe gu Ephrat; is e sin Betlehem.
8Agus chunnaic Israel mic Iòseiph, agus thubhairt e, Cò iad sin?
9Agus thubhairt Iòseph ra athair, Is iad mo mhic‐sa iad, a thug Dia dhomh an seo#Gen 33:5. Agus thubhairt e, Thoir am ionnsaigh iad, guidheam ort, agus beannaichidh mi iad#Gen 27:4; Eabh 11:21.
10Agus bha sùilean Israeil trom le aois, air chor is nach bu lèir dha gu math: agus thug e am fagas dha iad, agus phòg e iad, agus ghabh e na ghlacan iad.
11Agus thubhairt Israel ri Iòseph, Cha do shaoil mi gum faicinn do ghnùis#Gen 37:33, 35; 45:26, agus, feuch, nochd Dia dhomh mar an ceudna do shliochd#Eph 3:20.
12Agus thug Iòseph a‑mach iad o eadar a ghlùinean, agus chrom e e fhèin le a aghaidh gu làr#Ecs 20:12; Lebh 19:32.
13Agus ghabh Iòseph iad le chèile, Ephraim na làimh dheis o làimh chlì Israeil, agus Manaseh na làimh chlì o làimh dheis Israeil; agus thug e am fagas dha iad.
14Agus shìn Israel a‑mach a làmh dheas, agus chuir e i air ceann Ephraim, am mac a b’òige, agus a làmh chlì air ceann Mhanaseh: stiùir e a làmhan gu seòlta; oir b’e Manaseh an ciad‐ghin#Gen 48:19.
15Agus bheannaich e Iòseph, agus thubhairt e, Gun dèanadh Dia, an làthair an do ghluais m’athraichean, Abrahàm agus Isaac#Gen 17:1; 24:40, an Dia a bheathaich mi rè mo bheatha uile gus an là‑an‑diugh#Salm 103:4, 5,
16An t‑aingeal#Gen 31:11; Isa 63:9 a shaor mi o gach olc#Salm 34:22, na leinibh a bheannachadh, agus ainmichear m’ainm‐sa orra, agus ainm m’athraichean, Abrahàm agus Isaac: agus mar iasg na mara fàsadh iad lìonmhor ann am meadhon na talmhainn#Àir 26:34, 37.
17Agus nuair a chunnaic Iòseph gun do chuir a athair a làmh dheas air ceann Ephraim, cha do thaitinn e ris: agus chùm e suas làmh a athar, a‑chum a h‑atharrachadh o cheann Ephraim gu ceann Mhanaseh.
18Agus thubhairt Iòseph ra athair, Chan ann mar sin, athair: oir is e seo an ciad‐ghin; cuir do làmh dheas air a cheann.
19Agus dhiùlt a athair, agus thubhairt e, Tha fhios agam, a mhic, tha fhios agam; bidh esan cuideachd na shluagh, agus fàsaidh e mar an ceudna mòr: ach gu deimhinn bidh a bhràthair as òige#Gen 25:23 nas mò na e#Àir 1:33, 35; Deut 33:17, agus bidh a shliochd nam mòran#48:19 lànachd. chinneach.
20Agus bheannaich e iad air an là sin, ag ràdh, Annadsa beannaichidh Israel, ag ràdh, Gun dèanadh Dia thu mar Ephraim, agus mar Mhanaseh#Rut 4:11: agus chuir e Ephraim ro Mhanaseh,
21Agus thubhairt Israel ri Iòseph, Feuch, tha mise a’ faotainn a’ bhàis; ach bidh Dia maille ribhse, agus bheir e a‑rìs sibh gu dùthaich ur n‑athraichean#Gen 50:24; Ios 23:14.
22Agus thug mise dhut aon chuid‐roinne thar do bhràithrean#Ios 17:14 a bhuin mi a‑mach à làimh an Amoraich lem chlaidheamh agus lem bhogha.

Currently Selected:

Genesis 48: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy