YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 46

46
1 Thug Dia misneach agus sòlas do Iàcob aig Beer‐sèba. 5 O sin chaidh e fhèin agus a theaghlach don Èiphit. 29 Choinnich Iòseph e. 31 Sheòl e dha bhràithrean ciod a theireadh iad ri Phàraoh.
1Agus dh’imich Israel maille ris gach nì a bha aige, agus thàinig e gu Beer‐sèba#Gen 21:33; 28:10, agus thug e suas ìobairtean do Dhia a athar, Isaac#Gen 31:42, 53.
2Agus labhair Dia ri Israel ann an taisbeanan na h‑oidhche#Gen 15:1; Iob 32:15, agus thubhairt e, A Iàcoib, a Iàcoib#1 Sam 3:4, 10. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo.
3Agus thubhairt e, Is mise Dia, Dia d’athar: na biodh eagal ort dol sìos don Èiphit; oir nì mise ad chinneach mòr thu an sin#Gen 12:2; Deut 22:5:
4Thèid mise maille riut sìos don Èiphit; agus bheir mi mar an ceudna gu cinnteach a‑nìos thu a‑rìs#Gen 15:16; 30:13, 25; Ecs 3:8: agus cuiridh Iòseph a làmh air do shùilean#Gen 50:1; Gnìo 7:15.
5Agus dh’èirich Iàcob suas o Bheer‐sèba: agus thug mic Israeil leo Iàcob an athair, agus an clann bheag, agus am mnathan, anns na carbadan a chuir Phàraoh ga ghiùlan#Gen 45:19, 27; Àir 18:29; Deut 32:14.
6Agus ghabh iad an sprèidh, agus am maoin, a fhuair iad ann an tìr Chanàain, agus thàinig iad don Èiphit, Iàcob agus a shliochd uile maille ris#Àir 20:15; Deut 26:5; Ios 24:4; Salm 106:23; Isa 52:4;
7A mhic, agus mic a mhac maille ris, a nigheanan, agus nigheanan a mhac, agus a shliochd uile thug e maille ris don Èiphit.
8Agus is iad seo ainmean chloinn Israeil, a thàinig don Èiphit, Iàcob agus a mhic#Ecs 1:1; 6:14: Reuben, ciad‐ghin Iàcoib.
9Agus mic Reubein; Hanoch, agus Phallu, agus Hesron, agus Carmi.
10Agus mic Shimeoin: Iemuel#46:10 no, Nemuel., agus Iamin, agus Ohad, agus Iachin#46:10 no, Iarib., agus Sohar#46:10 no, Serah., agus Saul mac ban‐Chanàanaich.
11Agus mic Lèbhi: Gerson, Cohat, agus Merari.
12Agus mic Iùdah: Er, agus Onan, agus Selah, agus Phareds, agus Serah: ach fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanàain#Gen 38:3, 7, 10. Agus b’iad mic Phareids, Hesron agus Hamul.
13Agus mic Isachair: Tola, agus Phubhah#46:13 no, Puah, agus Iasub., agus Iob, agus Simron.
14Agus mic Shebuluin: Sered, agus Elon, agus Iahleel.
15Is iad sin mic Lèah, a rug i do Iàcob ann am Padan‐àram, maille ra nighinn Dinah: b’iad uile anaman a mhac agus a nigheanan trì‐deug ar fhichead.
16Agus mic Ghaid; Siphion#46:16 no, Sephon, Àir 26:15., agus Hagai, Suni, agus Esbon#46:16 no, Osni., Heri, agus Arodi#46:16 no, Arod., agus Areli.
17Agus mic Aseir: Imnah, agus Isuah, agus Isui, agus Beriah, agus Serah am piuthar. Agus mic Bheriah: Heber agus Malchiel.
18Is iad sin mic Shilpah, a thug Làban da nighinn Lèah#Gen 29:24; agus rug i iad sin do Iàcob, eadhon sia‑anaman‐deug.
19Mic Racheil bean Iàcoib, Iòseph agus Beniàmin.
20Agus rugadh do Iòseph ann an tìr na h‑Èiphit, Manaseh agus Ephraim#Gen 41:50, a rug Asenat, nighean Photipherah, sagart Oin, dha.
21Agus b’iad mic Bheniàmin: Belah, agus Becher, agus Asbel, Gera, agus Nàaman, Ehi#46:21 Ahiram, Àir 26:38., agus Ros, Mupim#46:21 Supham, Àir 26:39; Supim, 1 Each 7:12., agus Hupim#46:21 Hupham, Àir 26:39., agus Ard.
22Is iad sin mic Racheil, a rugadh do Iàcob: na h‑anaman uile, ceithir‐deug.
23Agus mic Dhain: Husim#46:23 no, Suham, Àir 26:42..
24Agus mic Naphtali: Iahseel, agus Guni, agus Ieser, agus Sillem.
25Is iad sin mic Bhilhah, a thug Làban#Gen 29:29 da nighinn Rachel, a rug i do Iàcob: na h‑anaman uile, seachdnar.
26Na h‑anaman uile a thàinig le Iàcob don Èiphit, a thàinig a‑mach as a leasraidh, a thuilleadh air mnathan mic Iàcoib; b’iad na h‑anaman seo uile trì‐fichead is a sia;
27Agus mic Iòseiph a rugadh dha anns an Èiphit, bu dà anam iad: uile anaman taigh Iàcoib, a thàinig don Èiphit, bu trì‐fichead is a deich iad#Deut 10:22; Gnìo 7:14.
28Agus chuir e Iùdah roimhe gu Iòseph, a‑chum is gun tugadh e fios dha teachd na làthair ann an Gòsen#Gen 31:21; agus thàinig iad gu fearann Ghòsein#Gen 47:1.
29Agus bheartaich Iòseph a charbad, agus chaidh e suas an coinneamh Israeil, a athair, gu Gòsen; agus nochd e e fhèin dha, agus thuit e air a mhuineal, agus ghuil e air a mhuineal rè tamaill#Gen 45:14.
30Agus thubhairt Israel ri Iòseph, Faigheam‐sa a‑nis bàs, o chunnaic mi do ghnùis#Lùc 2:29, 30, do bhrìgh gu bheil thu fhathast beò.
31Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, agus ri teaghlach a athar, Thèid mise suas, agus cuiridh mi an cèill do Phàraoh, agus their mi ris, Tha mo bhràithrean, agus teaghlach m’athar, a bha ann an tìr Chanàain, air teachd am ionnsaigh:
32Agus is buachaillean na daoine, oir bu luchd‐sprèidhe iad; agus thug iad leo an treudan, agus am feudail, agus gach nì a bha aca.
33Agus tàrlaidh, nuair a ghairmeas Phàraoh oirbh, agus a their e, Ciod as ceàird dhuibh?
34Gun abair sibhse, Bu luchd‐sprèidhe do sheirbhisich o ar n‑òige#Gen 30:35; 37:12 eadhon gus a‑nis, sinn fhèin agus mar an ceudna ar n‑athraichean; a‑chum is gun gabh sibh còmhnaidh ann am fearann Ghòsein, oir is gràinealachd do na h‑Èiphitich gach buachaille sprèidhe#Gen 43:32; Ecs 8:26.

Currently Selected:

Genesis 46: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy