YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 45

45
1 Rinn Iòseph e fhèin aithnichte da bhràithrean; thug e comhfhurtachd dhaibh, agus chuir e fios leo air athair. 21 Thug e dhaibh carbadan agus lòn airson na slighe. 27 Nuair a thill iad, agus a dh’innis iad seo do Iàcob, dh’ath‐bheothaich a spiorad.
1Agus cha b’urrainn Iòseph cumail air fhèin nan làthair‐san uile a sheas làimh ris; agus ghlaodh e, Cuiribh gach duine a‑mach uam. Agus cha do sheas duine sam bith maille ris, nuair a rinn Iòseph e fhèin aithnichte da bhràithrean.
2Agus ghuil e gu h‑àrd#Àir 14:1: agus chuala na h‑Èiphitich agus an rìgh Phàraoh e.
3Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Is mise Iòseph; a bheil m’athair fhathast beò? Agus cha b’urrainn a bhràithrean a fhreagairt; oir bha eagal orra ro a làthaireachd‐san#Iob 4:5; 23:15; Mat 14:26.
4Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Thigibh am fagas dhomh, guidheam oirbh. Agus thàinig iad am fagas. Agus thubhairt esan, Is mise Iòseph ur bràthair, a reic sibhse don Èiphit#Gen 37:28.
5Agus a‑nis na biodh doilgheas oirbh#2 Cor 2:7, no corraich agaibh ribh fhèin, a chionn gun do reic sibh mise an seo; oir chuir Dia romhaibh mi#Gen 50:20; Salm 105:16, 17, gu sibhse a ghleidheadh beò:
6Oir rè an dà bhliadhna seo bha a’ ghorta anns an tìr#Gen 47:18, agus tha fhathast còig bliadhna ri teachd anns nach bi aon chuid treabhadh no foghar#Ecs 34:21.
7Agus chuir Dia mise romhaibh, a ghleidheadh dhuibhse iarmaid air thalamh, agus a thèarnadh ur beatha le fuasgladh mòr#1 Each 11:14; Salm 18:50; 44:4.
8A‑nis uime sin, cha sibhse a chuir mise an seo, ach Dia#Eòin 19:11; agus rinn e mi am athair do Phàraoh#Gen 41:43; Bri 17:10; Iob 29:16, agus am thighearna os cionn a thaighe uile, agus am uachdaran ann an tìr na h‑Èiphit uile.
9Dèanaibh cabhag, agus rachaibh suas a‑chum m’athar, agus abraibh ris, Mar seo thubhairt do mhac Iòseph, Rinn Dia mise am uachdaran air an Èiphit uile; thig a‑nuas am ionnsaigh, na dèan moille:
10Agus gabhaidh tu còmhnaidh ann am fearann Ghòsein#Gen 46:29; 47:1‐6; Ecs 8:22; 9:26, agus bidh tu am fagas dhòmhsa, thu fhèin agus do chlann, agus clann do chloinne, agus do threudan, agus do bhuar, agus gach nì a tha agad:
11Agus beathaichidh mise thu an sin (oir fhathast bidh còig bliadhna gorta ann), air eagal gun tig thu fhèin agus do theaghlach, agus gach nì a tha agad, gu bochdainn.
12Agus, feuch, tha ur sùilean a’ faicinn#Gen 42:23; Lùc 24:39, agus sùilean mo bhràthar, Beniàmin, gur e mo bheul fhèin a tha a’ labhairt ribh.
13Agus innsidh sibh dom athair mo ghlòir‐sa uile anns an Èiphit, agus gach nì a chunnaic sibh; agus nì sibh cabhag, agus bheir sibh a‑nuas m’athair an seo#Gnìo 7:12.
14Agus thuit e air muineal a bhràthar#Gen 33:4; 46:29 Beniàmin, agus ghuil e; agus ghuil Beniàmin air a mhuineal‐san.
15Phòg e, mar an ceudna, a bhràithrean uile, agus ghuil e os an cionn: agus na dhèidh sin rinn a bhràithrean cainnt ris.
16Agus chualas iomradh seo ann an taigh Phàraoh, ag ràdh, Tha bràithrean Iòseiph air teachd: agus thaitinn e gu math ri Phàraoh#45:16 bha e maith ann an sùilean. agus ra sheirbhisich.
17Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Abair rid bhràithrean, Dèanaibh seo; sacaichibh ur n‑ainmhidhean, agus imichibh, rachaibh do thìr Chanàain;
18Agus thugaibh leibh ur n‑athair, agus ur teaghlaichean, agus thigibh am ionnsaigh‐sa, agus bheir mise dhuibh math tìr na h‑Èiphit; ithidh sibh reamhrachd na tìre#Gen 27:28; 47:6.
19A‑nis thugadh àithne dhut; dèanaibh‐se mar seo: thugaibh leibh à tìr na h‑Èiphit carbadan airson ur cloinne bige, agus ur ban, agus thugaibh ur n‑athair leibh, agus thigibh.
20Agus na biodh suim agaibh#45:20 na caomhnadh ur sùil. dur n‑àirneis‐thaighe; oir is leibhse math tìr na h‑Èiphit uile.
21Agus rinn clann Israeil mar sin: agus thug Iòseph dhaibh carbadan a rèir òrdagh#45:21 beul. Phàraoh#Àir 3:16; Ecl 8:2; agus thug e dhaibh lòn airson na slighe.
22Thug e dhaibh uile, do gach aon dhiubh fa leth, culaidhean aodaich; ach do Bheniàmin thug e trì cheud bonn airgid, agus còig culaidhean aodaich#Gen 43:34.
23Agus chuir e a dh’ionnsaigh a athar mar seo; deich asail a’ giùlan de nithean matha na h‑Èiphit, agus deich asail bhoireann a’ giùlan sìl agus arain agus lòin dan athair airson na slighe.
24Mar sin chuir e a bhràithrean air falbh, agus dh’imich iad: agus thubhairt e riu, Feuchaibh nach cuir sibh a‑mach air a chèile air an t‑slighe.
25Agus chaidh iad suas as an Èiphit, agus thàinig iad gu tìr Chanàain a dh’ionnsaigh Iàcoib an athair.
26Agus dh’innis iad dha, ag ràdh, Tha Iòseph fhathast beò, agus tha e na uachdaran air tìr na h‑Èiphit uile. Agus dh’fhannaich cridhe Iàcoib, oir cha do chreid e iad#Iob 9:16; 29:24; Salm 126:1; Lùc 24:11, 41.
27Agus dh’innis iad dha uile bhriathran Iòseiph, a labhair e riu: agus nuair a chunnaic e na carbadan a chuir Iòseph ga ghiùlan, dh’ath‐bheothaich spiorad Iàcoib, an athair#Salm 85:6.
28Agus thubhairt Israel, Is leòr e; tha Iòseph mo mhac fhathast beò: thèid mi agus chì mi e mum faigh mi bàs.

Currently Selected:

Genesis 45: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy