YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 42

42
1 Chuir Iàcob a dheichnear mhac don Èiphit a cheannach sìl. 17 Thilg Iòseph ann am prìosan iad mar luchd‐brathaidh; ach air a’ chumha gum fàgadh iad Simeon, agus gun tilleadh iad a‑rìs lem bràthair a b’òige, leigeadh as iad.
1A‑nis nuair a chunnaic Iàcob gu robh sìol anns an Èiphit#Gnìo 7:12, thubhairt e ra mhic, Carson a tha sibh ag amharc air a chèile?
2Agus thubhairt e, Feuch, chuala mi gu bheil sìol anns an Èiphit; rachaibh sìos an sin, agus ceannaichibh dhuinn as a sin, a‑chum is gum bi sinn beò, agus nach faigh sinn bàs#Gen 43:8; Salm 118:17.
3Agus chaidh deichnear bhràithrean Iòseiph sìos a cheannach sìl anns an Èiphit.
4Ach cha do chuir Iàcob Beniàmin, bràthair Iòseiph, maille ra bhràithrean: oir thubhairt e, Air eagal gun èirich olc dha#Gen 42:38.
5Agus thàinig mic Israeil a cheannach sìl am measg na muinntir a thàinig: oir bha a’ ghorta ann an tìr Chanàain.
6Agus bha Iòseph na uachdaran air an tìr#Gen 41:41: b’esan a bha a’ reic ri sluagh na tìre uile. Agus thàinig bràithrean Iòseiph, agus chrom iad iad fhèin sìos dha, len aghaidh gu làr.
7Agus chunnaic Iòseph a bhràithrean, agus dh’aithnich e iad, ach rinn e e fhèin na choigreach dhaibh, agus labhair e gu coimheach riu#42:7 nithean cruaidh riu.; agus thubhairt e riu, Cia as a thàinig sibhse? Agus thubhairt iadsan ris, A tìr Chanàain a cheannach bìdh.
8Agus dh’aithnich Iòseph a bhràithrean, ach cha d’aithnich iadsan esan.
9Agus chuimhnich Iòseph air na h‑aislingean a chunnaic e man timcheall#Gen 37:5‐9, agus thubhairt e riu, Is luchd‐brathaidh sibh; a dh’fhaicinn lomnochdas na tìre thàinig sibh.
10Agus thubhairt iad ris, Chan eadh, mo thighearna, ach is ann a thàinig do sheirbhisich a cheannach bìdh:
11Is mic aon duine sinne uile, is daoine fìrinneach sinn; cha luchd‐brathaidh do sheirbhisich.
12Agus thubhairt esan riu, Chan eadh, ach is ann a dh’fhaicinn lomnochdas na tìre a thàinig sibh.
13Agus thubhairt iad, Is dà‑bhràthair‐dheug do sheirbhisich, mic aon duine ann an tìr Chanàain; agus, feuch, tha am fear as òige an‑diugh maille ri ar n‑athair, agus tha aon nach maireann#Gen 34:10.
14Agus thubhairt Iòseph riu, Seo an nì a thubhairt mi ribh, ag ràdh, Is luchd‐brathaidh sibh:
15Mar seo dearbhar sibh; mar as beò Phàraoh#Deut 6:13; 1 Sam 1:26; 17:55; Bri 5:12, cha tèid sibh a‑mach à seo, mura tig ur bràthair as òige an seo.
16Cuiribh uaibh fear agaibh, agus thugadh e leis ur bràthair, agus gleidhear#42:16 ceanglar. sibhse ann am prìosan, a‑chum is gun dearbhar ur briathran, a bheil no nach eil fìrinn annaibh: no, mar as beò Phàraoh, gu cinnteach is luchd‐brathaidh sibh.
17Agus chuir e am prìosan iad uile rè trì làithean.
18Agus thubhairt Iòseph riu air an treas là, Dèanaibh seo, agus bithibh beò: oir tha eagal Dhè ormsa#Gen 20:11; Lebh 25:43; Neh 5:15; Lùc 18:2, 4:
19Mas daoine fìrinneach sibh, fàgar aon de ur bràithrean ceangailte ann an taigh ur prìosain: agus imichibh‐se, thugaibh leibh sìol airson gorta ur teaghlaichean:
20Ach thugaibh ur bràthair as òige am ionnsaigh‐sa#Gen 42:34; Gen 43:5; 44:23; mar sin dearbhar ur briathran, agus chan fhaigh sibh bàs. Agus rinn iad mar sin.
21Agus thubhairt iad ri chèile. Tha sinn gu deimhinn ciontach#Àir 32:23; 1 Rìgh 17:18; Iob 36:8, 9; Hos 5:15 a‑thaobh ar bràthar, do bhrìgh gum faca sinn cràdh a anama, nuair a ghuidh e oirnn, agus nach d’èisd sinn ris; uime sin thàinig an airc seo oirnn#Gnà 21:13; 24:11, 12; Ier 34:17; Mat 7:2.
22Agus fhreagair Reuben iad, ag ràdh, Nach do labhair mise ribh, ag ràdh#Gen 37:21, Na peacaichibh an aghaidh an leinibh? Agus cha d’èisd sibh: uime sin, feuch, mar an ceudna tha a fhuil air a h‑iarraidh oirnn.
23Agus cha robh fhios acasan gu robh Iòseph gan tuigsinn; oir bha eadar‐theangair eatorra.
24Agus thionndaidh e e fhèin uapa, agus ghuil e; agus thill e a‑rìs dan ionnsaigh, agus labhair e riu, agus thug e Simeon uapa, agus cheangail e e fa chomhair an sùl.
25An sin dh’àithn Iòseph an saic a lìonadh le sìol, agus airgead gach duine a chur air ais na shac, agus biadh a thoirt dhaibh airson na slighe#Mat 5:41; Ròm 12:17, 20; Eph 4:2: agus is ann mar seo a rinn e riu.
26Agus thog iad an sìol air an asail, agus dh’imich iad a sin.
27Agus nuair a dh’fhosgail fear dhiubh a shac#Gen 43:21, a thoirt bìdh da asal anns an taigh‐òsda, chunnaic e a airgead; oir, feuch, bha e am beul a shaic.
28Agus thubhairt e ra bhràithrean, Thugadh air ais m’airgead‐sa; agus, feuch, tha e eadhon am shac. Agus dh’fhàilnich an cridhe#42:28 chaidh an cridhe a‑mach., agus bha eagal orra, ag ràdh, gach fear ri chèile, Ciod e seo a rinn Dia oirnn?
29Agus thàinig iad a‑chum Iàcoib an athair, do thìr Chanàain, agus dh’innis iad dha gach nì a thachair dhaibh, ag ràdh,
30Labhair an duine a tha na uachdaran air an tìr rinn gu coimheach#Gen 42:7, 12, agus ghabh e sinn mar luchd‐brathaidh air an dùthaich.
31Agus thubhairt sinn ris, Is daoine fìrinneach sinne; cha luchd‐brathaidh idir sinn:
32Is dà‑bhràthair‐dheug sinn, mic ar n‑athar; tha aon mhac nach maireann, agus tha am mac as òige an‑diugh maille ri ar n‑athair ann an tìr Chanàain.
33Agus thubhairt an duine, uachdaran na tìre, rinn, Mar seo aithnichidh mi gur daoine fìrinneach sibh; fàgaibh aon de ur bràithrean maille riumsa, agus gabhaibh biadh airson gorta ur teaghlaichean, agus bithibh ag imeachd.
34Agus thugaibh ur bràthair as òige am ionnsaigh‐sa; an sin bidh fhios agam nach luchd‐brathaidh sibh, ach gur daoine fìrinneach sibh: mar sin bheir mise ur bràthair dhuibh, agus nì sibh ceannachd anns an tìr#Gen 34:10.
35Agus nuair a thaom iad an saic, feuch, bha ceanglachan airgid gach duine na shac fhèin#Gen 43:21, agus nuair a chunnaic iad fhèin agus an athair na ceanglachain airgid, bha eagal orra.
36Agus thubhairt Iàcob an athair riu, Thug sibh uamsa mo chlann#Gen 43:14: Iòseph cha mhaireann, agus Simeon cha mhaireann, agus Beniàmin bheir sibh air falbh: am aghaidh‐sa tha na nithean sin uile#1 Sam 27:1; Iob 7:7; Ecl 7:8; Ròm 8:28.
37Agus labhair Reuben ra athair, ag ràdh, Cuir gu bàs mo dhithis mhac, mura toir mi ad ionnsaigh e: thoir thairis dom làimh‐sa e, agus bheir mise ad ionnsaigh a‑rìs e.
38Agus thubhairt e, Cha tèid mo mhac sìos maille ribh; oir tha a bhràthair marbh#Gen 37:33, agus dh’fhàgadh esan na aonar: ma thachras olc dha anns an t‑slighe air an tèid sibh, an sin bheir sibh sìos m’fhalt liath le bròn don uaigh#Gen 44:29.

Currently Selected:

Genesis 42: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy