YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 37

37
1 Dh’fhuathaicheadh Iòseph le a bhràithrean. 5 A dhà aisling. 18 Chuir a bhràithrean an comhairle ri chèile gus a mharbhadh; ach shaor Reuben e. 36 Reiceadh e ri Potiphar anns an Èiphit.
1Agus ghabh Iàcob còmhnaidh anns an tìr#Gen 17:8; 23:4; 28:4; 36:7 anns an robh a athair na choigreach#37:1 tìr cuairte athar., ann an tìr Chanàain.
2Is iad seo ginealaichean Iàcoib: nuair a bha Iòseph seachd‐bliadhna‑deug a dh’aois, bha e a’ buachailleachd an treuda maille ra bhràithrean, agus bha an t‑òganach maille ri mic Bhilhah, agus maille ri mic Shilpah, mnathan a athar; agus thug Iòseph an droch thuairisgeul‐san a dh’ionnsaigh a athar#1 Sam 2:22, 24; 1 Cor 1:11; 5:1; 11:18.
3Agus bu docha le Israel Iòseph na a mhic uile, a chionn gum b’e mac a sheann aois e#Gen 44:20: agus rinn e dha còta de iomadh#37:3 no, dh’iomadh mìr. dath#Bri 5:20; 2 Sam 13:18; Esec 16:16.
4Agus nuair a chunnaic a bhràithrean gum bu docha le a athair e na a bhràithrean uile, dh’fhuathaich iad e#Gen 49:23; Salm 38:19; 69:4; Tìt 3:3, agus cha b’urrainn iad labhairt ris gu sìochail.
5Agus chunnaic Iòseph aisling, agus dh’innis e da bhràithrean i, agus dh’fhuathaich iad e fhathast nas mò.
6Agus thubhairt e riu, Eisdibh, guidheam oirbh, ris an aisling seo a chunnaic mi:
7Oir, feuch, bha sinn a’ ceangal sguab anns an achadh, agus, feuch, dh’èirich mo sguab‐sa suas, agus sheas i gu dìreach; agus, feuch, sheas ur sguaban‐se mun cuairt oirre, agus rinn iad ùmhlachd#Gen 42:6, 9; 43:26; 44:14 dom sguaib‐sa.
8Agus thubhairt a bhràithrean ris, Am bi thusa gun amharas ad rìgh oirnne#Salm 118:22; Lùc 19:14, 27? Am bi agad da‑rìribh tighearnas oirnne? Agus dh’fhuathaich iad e fhathast nas mò airson a aislingean, agus airson a bhriathran.
9Agus chunnaic e fhathast aisling eile, agus dh’innis e da bhràithrean i, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi aisling eile; agus, feuch, rinn a’ ghrian agus a’ ghealach, agus an aon‐reul‐deug, ùmhlachd dhomh#Gen 44:14; 46:29; 50:18.
10Agus dh’innis e da athair i, agus da bhràithrean: agus thug a athair achmhasan dha, agus thubhairt e ris, Ciod i an aisling seo a chunnaic thu? An e gun tig da‑rìribh mise, agus do mhàthair, agus do bhràithrean, a‑chum sinn fhèin a chromadh sìos dhutsa gu làr#Gen 27:29?
11Agus bha farmad aig a bhràithrean ris#Gnìo 7:9; ach thug a athair fa‑near a’ chainnt#Daniel 7:28; Lùc 2:19, 51.
12Agus chaidh a bhràithrean a dh’ionaltradh treud an athar do Shechem.
13Agus thubhairt Israel ri Iòseph. Nach eil do bhràithrean ag ionaltradh an treud ann an Sechem? Thig, agus cuiridh mi thu dan ionnsaigh#1 Sam 17:17; Lùc 20:13. Agus thubhairt e ris, Tha mise an seo.
14Agus thubhairt e ris, Imich, guidheam ort, faic a bheil do bhràithrean gu math#37:14 faic sìth do bhraithrean, etc., agus a bheil an treud gu math; agus thoir fios am ionnsaigh a‑rìs. Mar sin chuir e a‑mach e à gleann Hebroin#Gen 35:27, agus thàinig e gu Sechem.
15Agus fhuair duine àraidh e, agus, feuch, bha e air seachran anns a’ mhachair: agus dh’fheòraich an duine dheth ag ràdh, Ciod a tha thu ag iarraidh#Bri 4:22; 2 Rìgh 6:19?
16Agus thubhairt e, Tha mi ag iarraidh mo bhràithrean: innis dhomh, guidheam ort, càit a bheil iad ag ionaltradh an treud#Daniel 1:7.
17Agus thubhairt an duine, Dh’fhalbh iad à seo: oir chuala mi iad ag ràdh, Rachamaid gu Dòtan. Agus chaidh Iòseph an dèidh a bhràithrean, agus fhuair e iad ann an Dòtan#2 Rìgh 6:13.
18Agus nuair a chunnaic iad e fada uapa, eadhon mun tàinig e am fagas dhaibh, chuir iad an comhairle ri chèile na aghaidh#Salm 31:13; 37:12, 32; 94:21; Mat 21:38; 27:1; Eòin 11:53; Gnìo 23:12 gus a mharbhadh.
19Agus thubhairt iad ri chèile, Feuch, tha an t‑aislingiche#37:19 maighstir bhruadar. seo a’ teachd.
20Thigibh a‑nis matà, agus marbhamaid e#Gnà 1:11, 16; 27:4, agus tilgeamaid e ann an sloc‐eigin; agus their sinn, Chuir droch bhèist‐eigin as dha: agus chì sinn ciod gus an tig a aislingean.
21Agus chuala Reuben seo, agus shaor e as an làimh e, agus thubhairt e, Na cuireamaid gu bàs e.
22Agus thubhairt Reuben riu, Na dòirtibh fuil#Gen 42:22; tilgibh e anns an t‑sloc seo a tha anns an fhàsach, agus làmh na cuiribh air; a‑chum is gun saoradh e as an làimh e, agus gun aisigeadh e a‑rìs da athair e.
23Agus nuair a thàinig Iòseph a dh’ionnsaigh a bhràithrean, an sin bhuin iad de Iòseph a chòta#Mat 27:28, còta nan iomadh dath#37:23 iomadh mìr., a bha air#Gen 37:3.
24Agus ghabh iad e, agus thilg iad e ann an sloc#Salm 35:7; Tuir 4:20; agus bha an sloc falamh, gun uisge ann.
25Agus shuidh iad sìos a dh’ithe arain#Gnà 30:20; Amos 6:6; agus thog iad suas an sùilean agus dh’amhairc iad, agus, feuch, bha cuideachd de chloinn Ismaeil#Gen 37:28, 36 a’ teachd o Ghilead, len càmhail a’ giùlan spìosraidh, agus ìocshlaint#Ier 8:22, agus mirr, a’ dol gus an toirt sìos don Èiphit.
26Agus thubhairt Iùdah ra bhràithrean, Ciod an tairbhe a bhios ann dhuinne, ma mharbhas sinn ar bràthair, agus ma cheileas#Gen 4:10; Iob 16:18 sinn a fhuil?
27Thigibh, agus reiceamaid e ris na h‑Ismaelich, agus na cuireamaid làmh air#1 Sam 18:17; 2 Sam 12:9: oir is e ar bràthair e, agus ar feòil: agus dh’èisd a bhràithrean ris.
28An sin chaidh Midianaich seachad#Bri 6:3, ceannaichean; agus tharraing iad agus thog iad suas Iòseph as an t‑sloc, agus reic iad Iòseph ris na h‑Ismaelich#Salm 105:17; Sech 11:12; Mat 27:9; Gnìo 7:9 air fichead bonn airgid. Agus thug iadsan Iòseph don Èiphit.
29Agus thill Reuben a dh’ionnsaigh an t‑sluic; agus, feuch, cha robh Iòseph anns an t‑sloc: agus reub e a aodach#Àir 14:6; Bri 11:35; Iob 1:20; Ioel 2:13.
30Agus thill e a dh’ionnsaigh a bhràithrean, agus thubhairt e, Chan eil an leanabh ann#Gen 42:13, 36; Ier 31:15, agus, mise, càit an tèid mi?
31Agus ghabh iad còta Iòseiph#Gen 37:23, agus mharbh iad meann de na gobhair, agus thum iad an còta anns an fhuil.
32Agus chuir iad uapa còta nan iomadh dath, agus thug iad e a dh’ionnsaigh an athar; agus thubhairt iad, Fhuair sinne seo: aithnich a‑nis an e seo còta do mhic, no nach e.
33Agus dh’aithnich e e, agus thubhairt e, Còta mo mhic; chuir droch bhèist as dha#Gen 44:28: tha Iòseph gun teagamh air a reubadh as a chèile.
34Agus reub Iàcob a aodach, agus chuir e aodach‐saic air a leasraidh#2 Rìgh 19:1; Est 4:1; Isa 32:11; Ion 3:5, agus rinn e bròn airson a mhic rè mòran làithean.
35Agus dh’èirich a mhic uile agus a nigheanan uile suas, a thoirt sòlais dha#2 Sam 12:17; ach dhiùlt esan sòlas a ghabhail; agus thubhairt e, Oir thèid mi sìos don uaigh a‑chum mo mhic ri bròn. Mar seo rinn a athair caoidh air a shon.
36Agus reic na Midianaich e anns an Èiphit ri Potiphar, oifigeach le Phàraoh, ceannard an fhreiceadain.

Currently Selected:

Genesis 37: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy