YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 36

36
1 Triùir bhan Esau. 9 A ghinealaich ann an sliabh Sheir. 15 Na cinn‐fheadhna a thàinig o a mhic.
1Agus is iad sin ginealaichean Esau, eadhon Edom#Gen 25:30.
2Ghabh Esau a mhnathan de nigheanan Chanàain#Gen 26:34; Adah nighean Eloin an t‑Hiteach, agus Aholibamah nighean Anah, nighean Shibeoin an t‑Hibheach;
3Agus Basemat nighean Ismaeil, piuthar Nebaioit.
4Agus rug Adah do Esau Eliphads#1 Each 1:35; agus rug Basemat Reuel;
5Agus rug Aholibamah Ieus, agus Iaalam, agus Corah: is iad sin mic Esau, a rugadh dha ann an tìr Chanàain.
6Agus ghabh Esau a mhnathan, agus a mhic, agus a nigheanan, agus uile mhuinntir#36:6 anaman. a thaighe, agus a sprèidh, agus a ainmhidhean uile, agus a mhaoin uile, a fhuair e ann an tìr Chanàain, agus chaidh e do thìr eile o ghnùis a bhràthar Iàcob.
7Oir bha an saoibhreas na bu mhò na gum faodadh iad còmhnaidh a ghabhail cuideachd; agus cha b’urrainn an tìr anns an robh iad nan coigrich an giùlan#Gen 13:6, 11 airson an sprèidhe.
8Mar seo ghabh Esau còmhnaidh ann an sliabh Sheir#Deut 2:5: is e Esau Edom.
9Agus is iad sin ginealaichean Esau, athair nan Edomach#36:9 Edoim., ann an sliabh Sheir:
10Is iad sin ainmean mic Esau: Eliphads mac Adah bean Esau, Reuel mac Bhasemait bean Esau.
11Agus b’iad mic Eliphaids Teman, Omar, Sepho#36:11 no, Sephi, 1 Each 1:36., agus Gatam, agus Cenads.
12Agus bha Timna na coileabach aig Eliphads, mac Esau; agus rug i do Eliphads Amalec#Ecs 17:8, 14; Àir 24:20; 1 Sam 15:2: b’iad sin mic Adah, bean Esau.
13Agus is iad sin mic Reueil: Nahat, agus Serah, Samah, agus Midsah: b’iad sin mic Bhasemait, bean Esau.
14Agus b’iad sin mic Aholibamah, nighean Anah nighinn Shibeoin, bean Esau: agus rug i do Esau Ieus, agus Iaalam, agus Corah.
15B’iad sin cinn‐fheadhna mic Esau: mic Eliphaids, ciad‐ghin Esau; ceann‐feadhna Teman, ceann‐feadhna Omar, ceann‐feadhna Sepho, ceann‐feadhna Cenads,
16Ceann‐feadhna Corah, ceann‐feadhna Gatam, agus ceann‐feadhna Amalec: is iad sin na cinn‐fheadhna a thàinig o Eliphads, ann an tìr Edoim: b’iad sin mic Adah.
17Agus is iad sin mic Reueil mhic Esau; ceann‐feadhna Nahat, ceann‐feadhna Serah, ceann‐feadhna Samah, ceann‐feadhna Midsah. Is iad sin na cinn‐fheadhna a thàinig o Reuel, ann an tìr Edoim: is iad sin mic Bhasemait, bean Esau.
18Agus is iad sin mic Aholibamah, bean Esau: ceann‐feadhna Ieus, ceann‐feadhna Iaalam, ceann‐feadhna Corah; b’iad sin na cinn‐fheadhna a thàinig o Aholibamah nighean Anah, bean Esau.
19Is iad sin mic Esau, eadhon Edom; agus is iad sin an cinn‐fheadhna.
20Is iad sin mic Sheir#Gen 14:6; Deut 2:12, 22 an t‑Horach, luchd‐àiteachaidh na tìre: Lotan, agus Sobal, agus Sibeon, agus Anah.
21Agus Dison, agus Edsere, agus Disan; is iad sin cinn‐fheadhna nan Horach, clann Sheir, ann an tìr Edoim.
22Agus b’iad clann Lotain Hori agus Heman#36:22 no, Homam.: agus b’i Timna piuthar Lotain.
23Agus b’iad sin clann Shobail: Albhan, agus Manahat, agus Ebal, Sepho, agus Onam.
24Agus b’iad sin clann Shibeoin: araon Aiah agus Anah: b’e seo an t‑Anah a fhuair a‑mach na muileidean anns an fhàsach, nuair a bha e ag ionaltradh asail Shibeoin a athair.
25Agus b’iad sin clann Anah: Dison agus Aholibamah nighean Anah.
26Agus b’iad sin clann Dhisoin: Hemdan#36:26 no, Amram., agus Esban, agus Itran, agus Cheran.
27B’iad sin clann Edseir: Bilhan, agus Saabhan, agus Achan#36:27 no, Iachan..
28B’iad sin clann Dhisain: Uds agus Aran.
29B’iad sin cinn‐fheadhna nan Horach: ceann‐feadhna Lotan, ceann‐feadhna Sobal, ceann‐feadhna Sibeon, ceann‐feadhna Anah,
30Ceann‐feadhna Dison, ceann‐feadhna Edser, ceann‐feadhna Disan: is iad sin na cinn‐fheadhna a thàinig o Hori, am measg an ceann‐feadhna‑san ann an tìr Sheir.
31Agus is iad sin na rìghrean a rìghich ann an tìr Edoim, mun do rìghich rìgh sam bith air cloinn Israeil#1 Each 1:43.
32Agus rìghich ann an Edom Belah mac Bheoir; agus b’e ainm a bhaile Dinhabah.
33Agus dh’eug Belah, agus rìghich Iobab mac Sherah o Bhosrah na àite.
34Agus dh’eug Iobab, agus rìghich Husam o thìr Themani na àite.
35Agus dh’eug Husam, agus rìghich Hadad mac Bhedaid, a bhuail Midian ann am fearann Mhòaib, na àite: agus b’e ainm a bhaile Abhit.
36Agus dh’eug Hadad, agus rìghich Samlah o Mhasrecah na àite.
37Agus dh’eug Samlah, agus rìghich Saul o Rehobot, làimh ris an abhainn, na àite.
38Agus dh’eug Saul, agus rìghich Bàal‐hanan mac Achboir na àite.
39Agus dh’eug Bàal‐hanan mac Achboir, agus rìghich Hadar#36:39 1 Each 1:50 Hadad, Pau. na àite: agus b’e ainm a bhaile Pau; agus ainm a mhnà Mehetabel, nighean Mhatreid nighinn Mhedsahaib.
40Agus is iad sin ainmean nan ceann‐feadhna#Ecs 15:15 a thàinig o Esau, a rèir an teaghlaichean, a rèir an àiteachan, nan ainmean: ceann‐feadhna Timnah, ceann‐feadhna Albhah#36:40 no, Aliah., ceann‐feadhna Ietet,
41Ceann‐feadhna Aholibamah, ceann‐feadhna Elah, ceann‐feadhna Pinon,
42Ceann‐feadhna Cenads, ceann‐feadhna Teman, ceann‐feadhna Mibsar,
43Ceann‐feadhna Magdiel, ceann‐feadhna Iram: is iad sin cinn‐fheadhna Edoim, a rèir an àiteachan‐còmhnaidh, ann an tìr an seilbh; is esan Esau, athair nan Edomach#36:43 Edoim..

Currently Selected:

Genesis 36: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy