YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 30

30
1 Thug Rachel a banoglach Bilhah do Iàcob mar mhnaoi, agus rug i Dan agus Naphtali. 9 Thug Lèah dha a banoglach Silpah mar mhnaoi, agus rug i Gad agus Aser. 22 Rug Rachel Iòseph. 25 Rinn Làban coicheangal nuadh ri Iàcob.
1Agus nuair a chunnaic Rachel nach do rug i clann do Iàcob#Gen 29:31, bha farmad aig Rachel ra piuthar#1 Cor 3:3; Seum 4:5, agus thubhairt i ri Iàcob, Thoir dhomh clann, no gheibh mi bàs#Iob 5:2.
2Agus las corraich Iàcoib ri Rachel, agus thubhairt e, A bheil mise an àite Dhè, a chùm uat#1 Sam 1:5 toradh na bronn?
3Agus thubhairt i, Feuch, mo bhanoglach Bilhah, theirig a‑steach da h‑ionnsaigh, agus beiridh i air mo ghlùinean, agus bidh agamsa mar an ceudna clann#30:3 bithidh mi air mo thogail leatha. da trìd‐se.
4Agus thug i dha Bilhah a banoglach mar mhnaoi#Gen 16:3; agus chaidh Iàcob a‑steach da h‑ionnsaigh.
5Agus dh’fhàs Bilhah torrach, agus rug i mac do Iàcob.
6Agus thubhairt Rachel, Thug Dia breith orm#Salm 35:24; 43:1, agus dh’èisd e mar an ceudna rim ghuth, agus thug e dhomh mac: uime sin thug i Dan#30:6 is e sin, tabhairt breith. mar ainm air.
7Agus dh’fhàs Bilhah, banoglach Racheil, torrach a‑rìs, agus rug i do Iàcob an dara mac.
8Agus thubhairt Rachel, Le mòr‐ghleac#30:8 gleachdaidhean Dhè. ghleac mi rim phiuthair, agus thug mi buaidh: agus thug i Naphtali#30:8 is e sin, gleachd. mar ainm air.
9Nuair a chunnaic Lèah gun do sguir i de bhreith cloinne, ghabh i Silpah a banoglach, agus thug i do Iàcob mar mhnaoi i.
10Agus rug Silpah, banoglach Lèah, mac do Iàcob.
11Agus thubhairt Lèah, Tha sonas air teachd: agus thug i Gad#30:11 is e sin, buidheann. mar ainm air#Gen 49:19.
12Agus rug Silpah, banoglach Lèah, an dara mac do Iàcob.
13Agus thubhairt Lèah, Is sona mi#30:13 Nam shonas., oir goiridh na nigheanan mise beannaichte#Daniel 6:9; Lùc 1:48: agus thug i Aser#30:13 is e sin, sona. mar ainm air.
14Agus chaidh Reuben a‑mach ann an làithean fogharadh a’ chruithneachd agus fhuair e mandragan anns a’ mhachair, agus thug e iad a‑chum a mhàthar Lèah. An sin thubhairt Rachel ri Lèah, Thoir dhomh, guidheam ort, cuid de mhandragan do mhic#Daniel 7:13.
15Agus thubhairt i rithe, Am beag a’ chùis#Àir 16:9, 13; Isa 7:13; Esec 16:47 gun tug thu m’fhear uam, agus am b’àill leat mandragan mo mhic a thoirt leat mar an ceudna? Agus thubhairt Rachel, Uime sin laighidh e leatsa a‑nochd airson mandragan do mhic.
16Agus thàinig Iàcob on mhachair anns an fheasgar, agus chaidh Lèah a‑mach na choinneamh, agus thubhairt i, Thig thu a‑steach am ionnsaigh‐sa, oir gu deimhinn cheannaich mi thu le mandragan mo mhic. Agus laigh e leatha air an oidhche sin.
17Agus dh’èisd Dia ri Lèah#Ecs 3:7; 1 Sam 1:20; Lùc 1:13, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i do Iàcob an còigeamh mac.
18Agus thubhairt Lèah, Thug Dia dhomh mo dhuais, a chionn gun tug mì mo bhanoglach dom fhear; agus thug i Isachar#30:18 is e sin, duais. mar ainm air#Gen 49:14; Deut 33:18; 1 Each 12:32.
19Agus dh’fhàs Lèah torrach a‑rìs, agus rug i do Iàcob an siathamh mac.
20Agus thubhairt Lèah, Dheònaich Dia dhomh deagh chuibhreann: a‑nis gabhaidh m’fhear còmhnaidh maille rium#Gen 29:34, a chionn gun do rug mi dha sianar mhac; agus thug i Sebulun#30:20 còmhnachadh. mar ainm air.
21Agus na dhèidh sin rug i nighean, agus thug i Dinah#30:21 is e sin, breitheanas. mar ainm oirre.
22Agus chuimhnich Dia air Rachel#Gen 29:31; 1 Sam 1:19 agus dh’èisd Dia rithe, agus dh’fhosgail e a bolg.
23Agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac; agus thubhairt i, Thug Dia air falbh mo mhì‐chliù#1 Sam 1:6; Isa 4:1.
24Agus thug i Iòseph#30:24 is e sin, a’ cur ri. mar ainm air, ag ràdh, Bheir an Tighearna dhomh fhathast mac eile.
25Agus nuair a rug Rachel Iòseph, an sin thubhairt Iàcob ri Làban, Leig air falbh mi#Gen 24:54, a‑chum gun tèid mi dom àite#Gen 31:55, agus dom dhùthaich fhèin.
26Thoir dhomh mo mhnathan agus mo chlann, airson an do rinn mi seirbhis dhut, agus gum falbh mi; oir is aithne dhut mo sheirbhis a rinn mi dhut#Gen 31:6.
27Agus thubhairt Làban ris, Guidheam ort, ma fhuair mi deagh‐ghean ad shùilean#Ecs 3:21; Neh 1:11; Daniel 1:9; Gnìo 7:10, fuirich: oir dh’fhòghlaim mi om fhiosrachadh fhèin gun do bheannaich an Tighearna mi air do sgàth‐sa#Gen 39:3, 6; Salm 1:3; Isa 61:9.
28Agus thubhairt e, Ainmich do thuarasdal dhomh#Gen 29:15, agus bheir mi dhut e.
29Agus thubhairt e ris, Tha fhios agad cionnas a rinn mi seirbhis dhut#Mat 24:25; Tìt 2:10, agus cionnas a bha do sprèidh agam:
30Oir is beag a bha agad mun tàinig mi, agus a‑nis tha e air fàs#30:30 air briseadh a‑mach. na mhòran; agus bheannaich Dia thu an lorg#30:30 aig mo chois‐sa. mo theachd‐sa; agus a‑nis, cuin a nì mi mar an ceudna airson mo thaighe fhèin#1 Tim 5:8?
31Agus thubhairt e, Ciod a bheir mi dhut? Agus thubhairt Iàcob, Cha toir thu nì sam bith dhomh: ma nì thu an nì seo rium, ionaltraidh mi a‑rìs, agus gleidhidh mi do threud.
32Thèid mise tro do threud uile an‑diugh, ag atharrachadh as a sin gach sprèidh a tha breac agus ballach, agus gach sprèidh a tha dubh‐dhonn am measg nan caorach, agus ballach agus breac am measg nan gobhar: agus is e seo mo thuarasdal#Gen 31:8.
33Agus freagraidh air mo shon‐sa m’ionracas#Salm 18:24; 37:6 anns an àm ri teachd#30:33 a‑màireach., nuair a thig e mar mo thuarasdal ad làthair‐sa: gach aon nach bi breac agus ballach am measg nan gobhar, agus dubh‐dhonn am measg nan caorach, measar e mar nì bradach agamsa.
34Agus thubhairt Làban, Feuch, b’fheàrr leam gum biodh e a rèir d’fhacail.
35Agus dh’atharraich e air an là sin fhèin na gobhair fhireann a bha stiallach agus ballach, agus na gobhair bhoireann uile a bha breac agus ballach, agus gach aon air an robh gile, agus gach aon a bha dubh‐dhonn am measg nan caorach, agus thug e iad do làmhan a mhac.
36Agus chuir e astar trì làithean eadar e fhèin agus Iàcob: agus bheathaich Iàcob a’ chuid eile de threudan Làbain.
37Agus ghabh Iàcob dha fhèin slatan glasa den chritheann, agus den challtainn, agus de chraoibh nan geanm‐chnò; agus rùisg e annta stiallan geala, agus leig e ris an geal a bha anns na slatan.
38Agus chuir e na slatan a rùisg e anns na claisean, anns na h‑amair uisge, far an tàinig na treudan a dh’òl, fa chomhair nan treud, a‑chum is gum fàsadh iad torrach nuair a thigeadh iad a dh’òl.
39Agus dh’fhàs na treudan torrach fa chomhair nan slat, agus rug iad sprèidh stiallach, bhreac agus bhallach#Gen 31:9, 12.
40Agus thearb Iàcob na h‑uain, agus chuir e aghaidh nan treud riùsan a bha stiallach, agus gach beathach a bha dubh‐dhonn ann an treudan Làbain, agus chuir e a threudan fhèin air leth, agus cha do chuir e iad làimh ri treudan Làbain.
41Agus ge bè uair a dh’fhàs an sprèidh a bu treasa torrach, chuir Iàcob na slatan fa chomhair sùilean na sprèidhe anns na claisean, a‑chum gum fàsadh iad torrach a rèir nan slat.
42Ach nuair a bha an sprèidh anfhann, cha do chuir e ann iad; mar sin bu le Làban iadsan a b’anfhainne, agus le Iàcob iadsan a bu treasa.
43Agus dh’fhàs an duine ro‑shaoibhir; agus bha mòran sprèidhe aige, agus banoglaich, agus òglaich, agus càmhail, agus asail.

Currently Selected:

Genesis 30: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy