YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 24

24
1 Chuir Abrahàm uaith a sheirbhiseach a dh’fhaotainn mnatha dha mhac Isaac. 50 Fhuair e Rebecah. 63 Choinnich Isaac i.
1Agus bha Abrahàm sean, agus air teachd gu aois mhòir#24:1 air dol an làithean., agus bheannaich an Tighearna Abrahàm anns na h‑uile nithean#Gen 24:35; Gen 13:2; Salm 112:1‐3.
2Agus thubhairt Abrahàm ra sheirbhiseach a bu shine na thaigh#Gen 15:2, aig an robh riaghladh gach nì a bha aige#Gen 24:10; Gen 39:5, Cuir, guidheam ort, do làmh fom shliasaid#Gen 47:29; 1 Each 29:24.
3Agus bheir mi ort mionnachadh air an Tighearna#Deut 6:13, Dia nèimh agus Dia na talmhainn, nach gabh thu bean dom mhac de nigheanan nan Canàanach, am measg a bheil mise am chòmhnaidh#Gen 6:2, etc.; Deut 7:3; 2 Cor 6:14:
4Ach thèid thu dom dhùthaich fhèin, agus a‑chum mo luchd‐dàimh, agus gabhaidh tu bean dom mhac Isaac.
5Agus thubhairt an seirbhiseach ris, Mas e is nach bi a’ bhean toileach air mise a leantainn don tìr seo, an èiginn dhomh do mhac a thoirt air ais a‑rìs don tìr as an tàinig thu?
6Agus thubhairt Abrahàm ris, Thoir an ro‑aire nach toir thu mo mhac an sin a‑rìs.
7An Tighearna, Dia nèimh#Esra 1:2; Daniel 2:44; Ion 1:9; Tais 11:13 a thug mise o thaigh m’athar#Gen 12:1, 7; 13:15; Deut 1:8; 34:4; Gnìo 7:5, agus o thìr mo dhìlsean, agus a labhair rium, agus a mhionnaich dhomh, ag ràdh, Dod shliochd bheir mi am fearann seo; cuiridh esan a aingeal fhèin romhad#Ecs 23:23; 33:2; Salm 34:7; Isa 63:9; Eabh 1:14, agus gabhaidh tu bean dom mhac as a sin.
8Agus mura bi a’ bhean toileach air thusa a leantainn, an sin bidh tu saor om mhionnan‐sa#Ios 2:17‐20: a‑mhàin na toir mo mhac an sin a‑rìs.
9Agus chuir an seirbhiseach a làmh fo shliasaid Abrahàim a mhaighistir, agus mhionnaich e dha a‑thaobh an nì sin.
10Agus ghabh an seirbhiseach deich càmhail de chàmhail a mhaighistir, agus dh’fhalbh e; oir#24:10 no, agus. bha maoin a mhaighistir uile aige fo a làimh: agus dh’èirich e, agus chaidh e gu Mesopotamia#Deut 23:4; Bri 3:8, 10; Gnìo 2:9, gu baile Nahoir#Gen 11:31.
11Agus thug e air na càmhail an glùn a lùbadh an taobh a‑muigh den bhaile, làimh ri tobar uisge, mu thràth feasgair, eadhon mun àm anns an tèid mnathan a‑mach a tharraing uisge.
12Agus thubhairt e, O Thighearna, Dhè mo mhaighistir Abrahàm#Gen 24:27; Gen 26:24; Ecs 3:6; Mat 22:32, deònaich gun soirbhich leamsa an‑diugh#Neh 1:11; Gnà 3:6, agus nochd coibhneas dom mhaighistir Abrahàm.
13Feuch, tha mi am sheasamh an seo làimh ris an tobar uisge#Gen 24:43, agus thig nigheanan muinntir a’ bhaile a‑mach a tharraing uisge;
14Agus tachradh e, a’ mhaighdeann ris an abair mise, Leig sìos, guidheam ort, do shoitheach, a‑chum is gun òl mi; agus their ise, Ol, agus bheir mise deoch dod chàmhail mar an ceudna: guma h‑i sin fhèin a dh’òrdaich thu dod sheirbhiseach Isaac; agus le sin bidh fhios agam gun do nochd thu coibhneas dom mhaighistir#Bri 6:17, 37; 2 Rìgh 20:9.
15Agus mun do sguir e de labhairt#Isa 65:24; Daniel 9:21, feuch, thàinig Rebecah a‑mach, a rugadh do Bhetuel, mac Mhilcah, bean Nahoir, bràthair Abrahàim; agus a soitheach air a gualainn.
16Agus bha a’ chailinn ro‑mhaiseach ri amharc oirre, òigh, agus cha b’aithne do fhear riamh i: agus chaidh i sìos don tobar, agus lìon i a soitheach, agus thàinig i a‑nìos.
17Agus ruith an seirbhiseach na coinneamh, agus thubhairt e, Leig dhomh, guidheam ort, beagan uisge òl as do shoitheach.
18Agus thubhairt i, Ol, mo thighearna: agus ghreas i oirre, agus leig i sìos a soitheach air a làimh, agus thug i dha deoch.
19Agus an dèidh dhi deoch a thoirt dha, thubhairt i, Tàirngidh mi uisge airson do chàmhal mar an ceudna, gus an sguir iad a dh’òl#1 Pead 4:9.
20Agus ghreas i oirre, agus dh’fhalmhaich i a soitheach anns an amar, agus ruith i a‑rìs don tobar a tharraing uisge; agus tharraing i airson a chàmhal uile.
21Agus bha an duine ag amharc le iongantas oirre#Lùc 2:19, 51, agus a’ fantainn na thosd, a dh’fheuchainn an tug, no nach tug, an Tighearna air a thuras soirbheachadh leis.
22Agus nuair a sguir na càmhail a dh’òl, an sin ghabh an duine cluas‐fhàinne òir#24:22 no, seud airson clàr an aodainn., anns an robh leth seceil de chudthrom, agus dà làmh‐fhail#Esec 16:11, 12; 1 Pead 3:3 airson a làmh, anns an robh deich seceil òir de chudthrom.
23Agus thubhairt e, Cò don nighean thu? Innis dhomh, guidheam ort; a bheil ann an taigh d’athar àite dhuinn gu tàmh a ghabhail ann?
24Agus thubhairt i ris, Is mise nighean Bhetueil, mac Mhilcah#Gen 22:23, a rug i do Nàhor.
25Thubhairt i ris mar an ceudna, Tha againn araon connlach agus innlinn gu leòr, agus àite gu tàmh a ghabhail ann.
26Agus chrom an duine e fhèin sìos, agus rinn e adhradh don Tighearna#Gen 24:52; Ecs 4:31; 34:8; Neh 8:6; Salm 95:6.
27Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia mo mhaighistir Abrahàm#Ecs 18:10; Rut 4:14, nach do bhuin a thròcair agus a fhìrinn om mhaighistir#Gen 32:10; Salm 98:3; Lùc 1:68; air dhòmhsa a bhith anns an t‑slighe stiùir an Tighearna mi gu taigh bràithrean mo mhaighistir.
28Agus ruith a’ mhaighdeann, agus dh’innis i na nithean seo do mhuinntir taigh a màthar.
29Agus bha bràthair aig Rebecah dom b’ainm Làban#Gen 29:5: agus ruith Làban a dh’ionnsaigh an duine a‑mach a‑chum an tobair.
30Agus nuair a chunnaic e a’ chluas‐fhàinne, agus na làmh‐fhailean air làmhan a pheathar, agus nuair a chuala e briathran Rebecah a phiuthar, ag ràdh, Mar seo labhair an duine rium; an sin thàinig e a dh’ionnsaigh an duine, agus, feuch, sheas e làimh ris na càmhail aig an tobar.
31Agus thubhairt e, Thig a‑steach, thusa a tha beannaichte on Tighearna#Gen 26:29; Bri 17:2; Rut 3:10; Salm 115:15; cuime a sheasas tu a‑muigh? Oir dh’ullaich mise an taigh, agus àite do na càmhail.
32Agus thàinig an duine don taigh, agus dh’fhuasgail e na càmhail, agus thug e seachad connlach agus innlinn airson nan càmhal, agus uisge a dh’ionnlad a chas, agus casan nan daoine a bha maille ris.
33Agus chuireadh biadh air a bheulaibh gu ithe: ach thubhairt e, Chan ith mi, gus an innis mi mo ghnothach#Salm 132:3‐5; Eòin 4:34; Eph 6:5‐7. Agus thubhairt esan, Labhair romhad.
34Agus thubhairt e, Is mise seirbhiseach Abrahàim;
35Agus bheannaich an Tighearna mo mhaighistir gu mòr#Gen 24:1; Gen 12:2; 13:2; Gnà 10:22; 22:4, agus tha e air fàs cumhachdach#Salm 18:35: agus thug e dha caoraich, agus crodh, agus airgead, agus òr, agus òglaich, agus banoglaich, agus càmhail agus asail;
36Agus rug Sàrah, bean mo mhaighistir, mac dom mhaighistir na seann aois: agus thug e dhàsan gach nì a bha aige;
37Agus thug mo mhaighistir ormsa mo mhionnan a thoirt#Gen 24:3, ag ràdh, Cha ghabh thu bean dom mhac de nigheanan nan Canàanach, muinntir a tha mise a chòmhnaidh nam fearann:
38Ach thèid thu a dh’ionnsaigh taigh m’athar, agus a dh’ionnsaigh mo dhìlsean, agus gabhaidh tu bean dom mhac.
39Agus thubhairt mi rim mhaighistir, Theagamh nach lean a’ bhean mi:
40Agus thubhairt esan rium, Cuiridh an Tighearna, an làthair an do ghluais mise, a aingeal fhèin leat, agus soirbhichidh e do thuras; agus gabhaidh tu bean dom mhac om dhìlsean, agus o thaigh m’athar.
41An sin bidh tu saor om mhionnan‐sa, nuair a thig thu a‑chum mo dhìlsean; agus mura toir iad dhut bean, an sin bidh tu saor om mhionnan.
42Agus thàinig mi an‑diugh a‑chum an tobair, agus thubhairt mi, O Thighearna, Dhè mo mhaighistir Abrahàm, ma shoirbhicheas tu a‑nis mo thuras air a bheil mi ag imeachd#Gen 39:3; Esra 8:21; Neh 1:11; Salm 90:17; Ròm 1:10;
43Feuch, tha mi am sheasamh làimh ris an tobar uisge; agus nuair a thig a’ mhaighdeann a‑mach a tharraing uisge, agus a their mi rithe, Thoir dhomh, guidheam ort, beagan uisge ri òl as do shoitheach;
44Agus a their ise rium, Ol thu fhèin, agus tàirngidh mise mar an ceudna dod chàmhail: guma h‑i sin fhèin a’ bhean a dh’òrdaich an Tighearna do mhac mo mhaighistir#Gnà 19:14.
45Agus mun do sguir mi de labhairt am chridhe#1 Sam 1:13; Neh 2:4, feuch thàinig Rebecah a‑mach, agus a soitheach air a gualainn; agus chaidh i sìos don tobar, agus tharraing i uisge; agus thubhairt mi rithe, Thoir dhomh deoch, guidheam ort:
46Agus ghreas i oirre, agus leig i sìos a soitheach o a gualainn, agus thubhairt i, Ol, agus bheir mi deoch dod chàmhail mar an ceudna: agus dh’òl mi, agus thug i air na càmhail òl mar an ceudna.
47Agus dh’fhiosraich mi dhith, agus thubhairt mi, Cò don nighean thusa? Agus thubhairt ise, Is mi nighean Bhetueil, mac Nahoir, a rug Milcah dha. Agus chuir mi a’ chluas‐fhàinne air a h‑aghaidh, agus na làmh‐fhailean air a làmhan#Esec 16:10‐12.
48Agus chrom mi sìos mo cheann#Gen 24:26, agus rinn mi adhradh don Tighearna, agus bheannaich mi an Tighearna, Dia mo mhaighistir Abrahàm, a threòraich mi anns an t‑slighe cheirt#Salm 32:8; 48:14; 107:7; Gnà 3:6; Isa 48:17, a ghabhail nighean bràthair mo mhaighistir da mhac.
49Agus a‑nis, ma bhuineas sibh gu coibhneil#Gen 47:29; Ios 2:14 agus gu fìrinneach rim mhaighistir, innsibh dhomh; agus mura buin, innsibh dhomh; a‑chum is gun tionndaidh mi a dh’ionnsaigh na làimhe deise, no na làimhe clìthe.
50An sin fhreagair Làban agus Betuel, agus thubhairt iad, Is ann on Tighearna a thàinig an nì seo#Salm 118:23; chan urrainn sinne olc no math a ràdh riut#Gen 31:24; 2 Sam 13:22; Gnìo 11:17.
51Feuch, tha Rebecah ad làthair; gabh i, agus imich; agus biodh i na mnaoi aig mac do mhaighistir, mar a labhair an Tighearna.
52Agus nuair a chuala seirbhiseach Abrahàim am briathran, chrom e e fhèin gu làr don Tighearna#Gen 24:26, 48; Salm 95:6.
53Agus thug an seirbhiseach an làthair seudan#24:53 soithichean. airgid agus seudan òir#Ecs 3:22; 11:2; 12:35, agus aodach, agus thug e iad do Rebecah: thug e mar an ceudna nithean luachmhor da bràthair agus da màthair#Deut 33:13‐16; 2 Each 21:3; Esra 1:6.
54Agus dh’ith iad, agus dh’òl iad, e fhèin agus na daoine a bha maille ris, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche: agus dh’èirich iad anns a’ mhadainn; agus thubhairt esan, Cuiribh air falbh mi a dh’ionnsaigh mo mhaighistir.
55Agus thubhairt a bràthair agus a màthair, Fanadh a’ mhaighdeann maille rinn air a’ chuid as lugha deich làithean#24:55 no, bliadha iomlan; no, deich mìosan.; na dhèidh sin falbhaidh i.
56Agus thubhairt e riu, Na cuiribh moille orm#Gen 45:9, oir shoirbhich an Tighearna mo thuras#Ios 1:8; Isa 48:15: cuiribh air falbh mi, a‑chum gun tèid mi a dh’ionnsaigh mo mhaighistir.
57Agus thubhairt iad, Gairmidh sinn air a’ mhaighdinn, agus fiosraichidh sinn de a beul fhèin.
58Agus ghairm iad air Rebecah, agus thubhairt iad rithe, An tèid thu leis an duine seo#Salm 45:10? Agus thubhairt i, Thèid.
59Agus chuir iad air falbh Rebecah, am piuthar, agus a banaltram#Gen 35:8, agus seirbhiseach Abrahàim, agus a dhaoine.
60Agus bheannaich iad Rebecah#Gen 22:17; Rut 4:11, 12, agus thubhairt iad rithe, Is tu ar piuthar, bi‑sa ad mhàthair mhìltean de mhuilleanan; agus sealbhaicheadh do shliochd geata na muinntir sin leis am fuathach iad.
61Agus dh’èirich Rebecah, agus a maighdeannan, agus mharcaich iad air na càmhail, agus lean iad an duine: agus ghabh an seirbhiseach Rebecah, agus dh’fhalbh e roimhe.
62Agus bha Isaac a’ teachd o shlighe an tobair Lahai‐roi#Gen 16:14; 25:11; oir bha e a chòmhnaidh anns an tìr mu dheas.
63Agus chaidh Isaac a‑mach a bheachd‐smaoineachadh#24:63 no, a dh’ùrnaigh. anns an fhaiche#Ios 1:8; Salm 1:2; 77:12; 119:15; 143:5 air feasgar: agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e, agus, feuch, bha na càmhail a’ tighinn.
64Agus thog Rebecah suas a sùilean, agus nuair a chunnaic i Isaac, theirinn i bhàrr a’ chàmhail#Gnà 19:14.
65Agus thubhairt i ris an t‑seirbhiseach, Cò e an duine seo a tha a’ sràid‐imeachd anns an fhaiche gar coinneachadh? Agus thubhairt an seirbhiseach, Is e mo mhaighistir a tha ann: an sin ghabh i gnùis‐bhrat#1 Tim 2:9, agus chòmhdaich i i fhèin.
66Agus dh’innis an seirbhiseach do Isaac na h‑uile nithean a rinn e.
67Agus thug Isaac i do bhùth Shàrah#Gen 18:6 a mhàthair, agus ghabh e Rebecah, agus bha i aige na mnaoi: agus ghràdhaich e i: agus fhuair Isaac sòlas an dèidh bàs a mhàthar#Gen 38:12; 1 Tes 4:13.

Currently Selected:

Genesis 24: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy