YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 20

20
1 Tha Abrahàm ag àicheadh a mhnatha Sàrah, agus Abimelech ga gabhail da ionnsaigh fhèin. 6 Ach air faotainn rabhaidh o Dhia ann an aisling, tha e ga toirt air a h‑ais dha.
1Agus dh’imich Abrahàm as a sin don tìr mu dheas, agus ghabh e còmhnaidh eadar Cadeis agus Sur#Gen 16:7, 14, agus bha e air chuairt ann an Gèrar#Gen 26:6.
2Agus thubhairt Abrahàm mu Shàrah a bhean, Is i mo phiuthar i#Gen 12:13; 26:7: agus chuir Abimelech righ Ghèrair teachdaire uaithe, agus ghabh e Sàrah.
3Agus thàinig Dia gu Abimelech ann an aisling#Iob 33:15; Salm 105:14 anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Feuch, is duine marbh thu airson na mnà a ghabh thu; oir is bean duine eile i.
4Ach cha tàinig Abimelech am fagas dhi: agus thubhairt e, A Thighearna, am marbh thu mar an ceudna cinneach ionraic#1 Each 21:17?
5Nach dubhairt esan riumsa, Is i mo phiuthar i? Agus thubhairt ise, eadhon ise fhèin, Is e mo bhràthair e: ann an treibhdhireas mo chridhe#2 Rìgh 20:3; 2 Cor 1:12; 1 Tim 1:13, agus ann an neochiontas mo làmh, rinn mi seo.
6Agus thubhairt Dia ris ann an aisling, Seadh, tha fhios agam gur ann an treibhdhireas do chridhe a rinn thu seo, agus chùm mise mar an ceudna thu o pheacachadh#Gen 31:7; 35:5 am aghaidh#Salm 51:4: uime sin cha do leig mi leat beantainn rithe.
7A‑nis, matà, thoir air a h‑ais don duine a bhean; oir is fàidh e, agus nì e ùrnaigh air do shon#1 Sam 7:5; Iob 42:8; Seum 5:16, agus bidh tu beò: ach mura toir thu air a h‑ais i, biodh fhios agad gum faigh thu bàs gu cinnteach, thu fhèin agus gach uile as leat.
8Uime sin dh’èirich Abimelech moch anns a’ mhadainn, agus ghairm e a sheirbhisich uile, agus dh’aithris e na nithean sin uile nan èisdeachd: agus bha eagal mòr air na daoine.
9An sin ghairm Abimelech air Abrahàm, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a rinn thu oirnn? Agus ciod an eucoir a rinn mise ort, gun tug thu ormsa agus air mo rìoghachd#Ecs 32:21; Ios 7:25 peacadh mòr? Rinn thu gnìomharan ormsa nach bu chòir a dhèanamh#Gen 34:7.
10Agus thubhairt Abimelech ri Abrahàm, Ciod a chunnaic thu, gun do rinn thu an nì seo?
11Agus thubhairt Abrahàm, A chionn gun dubhairt mi annam fhèin, Gu cinnteach chan eil eagal an Tighearna anns an ionad seo#Neh 5:15; Salm 36:1; Gnà 16:6; agus marbhaidh iad mi airson mo mhnà.
12Agus gidheadh is i gu deimhinn mo phiuthar#Gen 11:29, nighean m’athar, i, ach chan i nighean mo mhàthar; agus bha i agam mar mhnaoi.
13Agus nuair a thug Dia orm dol air m’aineol o thaigh m’athar, an sin thubhairt mi rithe, Is e seo do choibhneas a nochdas tu dhòmhsa; anns gach àite don tig sinn, abair mum thimcheall, Is e mo bhràthair e.
14Agus ghabh Abimelech caoraich agus buar agus òglaich agus banoglaich, agus thug e iad do Abrahàm, agus thug e air a h‑ais dha Sàrah a bhean.
15Agus thubhairt Abimelech, Feuch, tha m’ fhearann fad chomhair#Gen 47:6: gabh còmhnaidh far an taitneach leat.
16Agus ri Sàrah thubhairt e, Feuch, thug mi mìle bonn airgid dod bhràthair: feuch, tha e dhutsa na chòmhdachadh sùl do gach uile a tha maille riut, agus maille ris gach uile: mar seo fhuair i achmhasan#Gnà 12:1; 25:12; Tais 3:19.
17Agus rinn Abrahàm ùrnaigh ri Dia: agus leighis Dia Abimelech agus a bhean agus a bhanoglaich; agus rug iad clann.
18Oir dhruid an Tighearna suas gach bolg ann an teaghlach Abimeleich#Gen 12:17; 1 Sam 1:6, airson Shàrah bean Abrahàim.

Currently Selected:

Genesis 20: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy