YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 18

18
1 Tha Abram a’ toirt aoigheachd do thriùir ainglean. 17 Tha sgrios Shòdoim air fhoillseachadh dha. 23 Tha e a’ dèanamh eadar‐ghuidhe air a shon.
1Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha ann an còmhnard Mhamre#Gen 13:18; 14:13, agus e na shuidhe an doras a’ bhùtha ann an teas an là;
2Agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha triùir dhaoine a’ seasamh làimh ris#Gen 19:1: agus nuair a chunnaic e iad, ruith e nan coinneamh o dhoras a bhùtha, agus chrom e e fhèin gu làr.
3Agus thubhairt e, Mo thighearna, ma fhuair mi a‑nis deagh‐ghean ad shùilean, guidheam ort, na rach seachad air do sheirbhiseach#Eabh 13:2; 1 Pead 4:9;
4Thugar an seo, guidheam oirbh, beagan uisge#Gen 43:24, agus ionnlaidibh ur casan, agus leigibh ur n‑anail fon chraoibh;
5Agus bheir mise an seo greim arain, agus neartaichibh#18:5 socraichibh ur cridhe. ur cridhe: an dèidh sin imichidh sibh romhaibh: oir is ann uime sin a thàinig sibh a dh’ionnsaigh ur seirbhisich. Agus thubhairt iadsan, Dèan eadhon mar a thubhairt thu.
6Agus ghreas Abrahàm don bhùth a dh’ionnsaigh Shàrah, agus thubhairt e, Dèan cabhag, taoisinn trì miosaran de mhin fhlùir, agus dèan breacagan air lic an teintein.
7Agus ruith Abrahàm a dh’ionnsaigh a’ chruidh, agus ghabh e laogh maoth agus math, agus thug e do òganach e; agus rinn e deifir ga dheasachadh.
8Agus ghabh e ìm, agus bainne#Bri 5:25, agus an laogh a dheasaich e, agus chuir e air am beulaibh iad; agus sheas e làimh riu fon chraoibh, agus dh’ith iad.
9Agus thubhairt iad ris, Càit a bheil Sàrah do bhean? Agus thubhairt esan, Feuch, anns a’ bhùth.
10Agus thubhairt e, Gu cinnteach tillidh mi ad ionnsaigh#Gen 18:14; 2 Rìgh 4:16 a rèir àm na beatha, agus, feuch, bidh mac aig Sàrah do bhean#Gen 17:19, 21; Ròm 9:9; Gal 4:23. Agus chuala Sàrah sin ann an doras a’ bhùtha, a bha air a chùl.
11A‑nis bha Abrahàm agus Sàrah sean#Ròm 4:19; Eabh 11:11, 12, agus air dol air an aghaidh gu math ann an aois; agus sguir Sàrah de bhith a rèir dòigh nam ban#Gen 31:35.
12Uime sin rinn Sàrah gàire innte fhèin#Gen 21:6; Salm 126:2, ag ràdh, An dèidh dhòmhsa fàs aosda, am bi subhachas agam#Lùc 1:18, agus gu bheil mo thighearna#1 Pead 3:6 aosda mar an ceudna?
13Agus thubhairt an Tighearna ri Abrahàm, Carson a rinn Sàrah gàire, ag ràdh, An e gum beir mise gu cinnteach leanabh, agus mi aosmhor?
14A bheil nì air bith do‑dhèante#18:14 tuilleadh is cruaidh. don Tighearna#Àir 11:23; Ier 32:17; Mat 19:26? Anns an àm shuidhichte tillidh mi ad ionnsaigh, a rèir àm na beatha, agus bidh mac aig Sàrah.
15An sin dh’àich Sàrah, ag ràdh, Cha do rinn mi gàire; oir bha eagal oirre. Agus thubhairt esan, Chan eadh, oir rinn thu gàire#Salm 44:21; Gnà 12:19.
16Agus dh’èirich na daoine as a sin, agus dh’amhairc iad rathad Shòdoim: agus chaidh Abrahàm maille riu gan cur air an t‑slighe#Gnìo 15:3; Ròm 15:24; 3 Eòin 1:6.
17Agus thubhairt an Tighearna, An ceil mi air Abrahàm#Salm 25:14; Amos 3:7; Eòin 15:15 an nì sin a tha mi gus a dhèanamh;
18Agus gum fàs Abrahàm gu cinnteach na chinneach mòr agus cumhachdach, agus gum beannaichear annsan uile chinnich na talmhainn#Gen 12:3; 22:18?
19Oir is aithne dhomh e, gun toir e àithne da chloinn#Deut 4:9, 10; 6:7; Salm 78:5‐8; Eph 6:4 agus da theaghlach na dhèidh, agus gleidhidh iadsan slighe an Tighearna, a’ dèanamh ceartais agus breitheanais; a‑chum is gun toir an Tighearna air Abrahàm an nì sin a labhair e ma thimcheall#1 Sam 2:30.
20Agus thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gu bheil#Gen 13:13; 19:13 glaodh Shòdoim agus Ghomorrah mòr, agus do bhrìgh gu bheil am peacadh air antromachadh gu h‑anabarrach;
21Thèid mi sìos a‑nis#Gen 11:5; Ecs 3:8, agus chì mi ma rinn iad gu lèir a rèir a’ ghlaoidh, a thàinig am ionnsaigh; agus mura do rinn#Ios 22:22; Salm 139:1; Ier 17:10; Lùc 16:5, bidh fhios agam.
22Agus thionndaidh na daoine an aghaidh as a sin, agus ghabh iad an t‑slighe gu Sòdom: ach sheas Abrahàm fhathast an làthair an Tighearna.
23Agus thàinig Abrahàm am fagas#Ier 30:21; Eabh 10:22; Seum 5:17, agus thubhairt e, An sgrios thusa mar an ceudna an t‑ionracan maille ris an aingidh#Àir 16:21?
24Mas e is gu bheil leth‐cheud ionracan an taobh a‑staigh den bhaile, an sgrios thu mar an ceudna agus nach caomhain thu an t‑àit airson an leth‐cheud ionracan a tha ann?
25Guma fada e uatsa a dhèanamh air an dòigh seo, an t‑ionracan a mharbhadh maille ris an aingidh: ionnas gum bi an t‑ionracan mar an t‑aingidh, guma fada sin uatsa: nach dèan Britheamh na talmhainn uile ceartas#Iob 8:3; 34:17?
26Agus thubhairt an Tighearna, Ma gheibh mi ann an Sòdom leth‐cheud ionracan an taobh a‑staigh den bhaile, an sin caomhnaidh mi an t‑àit uile air an sgàth‐san#Isa 10:22; Ier 5:1; Esec 22:30.
27Agus fhreagair Abrahàm agus thubhairt e, Feuch a‑nis, ghabh mi orm fhèin labhairt rim Thighearna, agus gun annam ach duslach agus luaithre#Iob 4:19:
28Mas e is gum bi còignear a dh’uireasbhaidh air an leth‐cheud ionracan, an sgrios thu am baile uile airson easbhaidh chòignear? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e ma gheibh mi an sin còig agus dà‑fhichead.
29Agus labhair e ris a‑rìs, agus thubhairt e, Mas e is gum faighear an sin dà‑fhichead? Agus thubhairt e, Cha dèan mi e air sgàth dà‑fhichead.
30Agus thubhairt e ris, Och! na biodh fearg air mo Thighearna, agus labhraidh mi: Mas e is gum faighear an sin deich‐ar‑fhichead? Agus thubhart e, Cha dèan mi e, ma gheibh mi an sin deich‐ar‑fhichead.
31Agus thubhairt e, Feuch a‑nis ghabh mi orm fhèin labhairt rim Thighearna: Mas e is gum faighear fichead an sin? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e airson fichead.
32Agus thubhairt e, Och! na biodh fearg air mo Thighearna, agus labhraidh mi a‑mhàin an aon uair seo#Bri 6:39: Mas e is gum faighear deichnear an sin? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e air sgàth deichnear#Iob 33:23.
33Agus dh’imich an Tighearna roimhe, nuair a sguir e de labhairt ri Abrahàm: agus thill Abrahàm ga àite fhèin.

Currently Selected:

Genesis 18: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy